Head Teacher (Primary), GAELIC ESSENTIAL, Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, HGH21721 – HGH21721

Company: Highland Council
Apply for the Head Teacher (Primary), GAELIC ESSENTIAL, Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, HGH21721 – HGH21721
Location: Spean Bridge
Job Description:

Job Description

Tiotal Dreuchd: Ceannard-sgoile (Bun-sgoil)Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch AbarUairean: 35 san t-seachdainÙine: MaireannachTuarastal: £76,617 Per Annum

Neach Fiosrachaidh: Kirsty Clark Post-d: kirsty.clark@

Tha fileantas sa Ghàidhlig riatanach airson na dreuchd seo.

Às dèidh 1 Lùnastal 2020, chan fhaod Ùghdarrasan Ionadail ach na h-earrannan a leanas de daoine a chur an dreuchd mar Cheannardan-sgoile maireannach:

  • Daoine a tha air an Inbhe airson Ceannardas a choileanadh.
  • Daoine a chaidh a chur an dreuchd mar Cheannardan-sgoile maireannach air sgoil phoblach, sgoil a tha a’ faighinn taic-tabhartais no sgoil neo-eisimeileach air no ro 1 Lùnastal 2020.

Faasach neach nach eil air an Inbhe airson Ceannardas a choileanadh fhathast a bhith air an cur an dreuchd mar ceannard-sgoile, fhad ‘s nach eil an dreuchd a’ mairsinn nas fhaide na 30 mìos.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:

  • Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
  • Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair ann an dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ‘s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.

Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho daoine bho gach cùl-raon, a tha a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.

Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Tha pasgan ath-shuidheachaidh aig a’ chomhairle agus math dh’fhaodte gum bi seo ri fhaotainn dhan tagraiche shoirbheachail.

Mar as trice ‘s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.

Requirements

GTCS Registration is essential

#J-18808-Ljbffr…

Posted: November 8th, 2026